Air fail a lail ó

Lyrics (gaelic)

Air fail a lail ó ho ró, air fail a lail é
Air fail a lail ó ho ró, air fail a lail é
Air fail a lail ó ho ró, air fail a lail é
Fail ì, fail ó ho ró, air fail a lail é

A bhuachaille bhàin, màs àill leat labhairt air thùs
Gura leatsa gun dàil mo làmh, ma thig thu le mùirn
Gur truagh mar a tà nach do thàrlach mis' agus thu
Ann an eilein gun tràigh, gun ràmh, gun choite, gun stiùir

Chorus

Ma théid thu air sàil, a ghràidh, biodh gini 'ad phòc
Is òl mo dheoch-slàint gach àit' an suidh' thu mun bhòrd
Le d' chridhe geal, eudrom, éibhneach, aighearach, òg
Gur toigh leam am beul o'm binn a thigeadh an ceòl

Gur toigh leam an deud 's am beul nach labhradh le sgraing
Bhith sìnnte ri m' thaobh, a ghaoil, nan digeadh tu ann
Mur bhiodh luchd nam breug, bha m'eudail 's mise gun taing
Le òrdugh na cléir le cheile 'n ceangal gu teann

Chorus

Nan robh mis' is thu am beinne no'm monadh no'n sliabh
No air an tràigh bhàin, an àit' nach robh duine riamh
Seachd oidhche, seachd là, gun tàmh, gun chadal, gun biadh
Ach thùs a bhith 'ghràidh 's do làmh gheal tharam gu fìal

Chorus