Fhleasgaich òig

Lyrics (gaelic)

A fhleasgaich òig as ceanalta
'S tu leannan nan deas ghruagach
Do ghaol a rinn mo shàrachadh
'S tha a bhlàth sin air mo shnuadh-sa

Shiùbhlainn fada, fada leat
Shiùbhlainn deas is tuath leat
Is shnàmhainn an Cuan Rònach leat
'S ri m' bheò cha toirinn fuath dhut

Chorus

Gur binn' thu na na fìlidhean
Gur sìobhalt leam do ghluasad
Có chunnaic riamh air ùrlar thu
Nach dùraigeadh bhith suas riut?

Chorus

Instrumental

'S ged bheireadh Rìgh Seòras àite dhuinn
Cho àrd 's a th'aig duin' uasal
Gum b'fheàrr leam bhith air àirigh leat
An coill' 'na tràth 's na luachrach

Chorus