Hoireann ó

Lyrics (Gaelic)

Hoireann ó ho hì dhiù o
Hi ùrabh o ró hug éileadh
Hoireann ó ho hì dhiù o

Chì mi 'm bàta seach an rubha
'S i na siubhal fo làn-éideadh

'S àrd a chluinnear fuaim a daraich
'S i na deannaibh tro'n chaol Shléibhteach

'S àrd a chluinnear fuaim a cupla
Air muir gucagach ag éirigh

You've left me here and gone to sea
Néill a mhic 's na hó ró
With only my thoughts to comfort me
Néill a mhic 's na hó ró
Your sweet words linger in my memory

Bidh i an tir Mhic Nìll fo latha
'S fir 'ga caitheamh as an léintean

Bidh an stiùir an làimh mo leannain
Oganach deas fearail feucannt

Bidh an stiùir an làimh nan gillean
O 'is iad-fhéin as binne dh'éibheas

In my dreams, you're coming home
Néill a mhic 's na hó ró
I hear your voice, I feel your glow
Néill a mhic 's na hó ró
You're with me everywhere I go
Néill a mhic 's na hó ró

Suidheamaid 's faigheamaid botal
'S òlamaid deoch air a chéile

Suidheamaid 's gabhamaid òran
'S biomaid ag òl air a chéile

Gur ann orm tha sgrìob na pòige
'S chan eil sòlas orm mu déidhinn

Bho nach faighinn pòg mo leannain
Ge b'e cala an dian e éirigh

Hoireann ó ho hì dhiù o
Hi ùrabh o ró hug éileadh
Hoireann ó ho hì dhiù o
Hi ùrabh o ró hug éileadh
Hoireann ó ho hì dhiù o

Back to Sòlas (solace)